English | Gaelic

< Back to Round 11 Challenges

Dùbhlan 11.2

Ciamar a ghabhas làn-chomasan cultarail agus eaconamach na Gàidhlig a thoirt gu buil le teicneòlas, tro bhith a’ dèiligeadh ris a’ ghainnead a tha ann de dhàta feumail – duilgheadas a tha ro iomadh cànan san t-saoghal?


Sponsair an Dùbhlain: Riaghaltas na h-Alba, Buidheann-stiùiridh Ath-leasachadh Foghlaim

’S e prògram le Riaghaltas na h-Alba a th’ ann an CivTech, ’s e a’ toirt còmhla nan roinnean poblach agus prìobhaideach, agus na treas roinne, airson rudan a thogail a dh’fhàgas beatha dhaoine nas fheàrr. Gabhaidh sinn Dùbhlain a tha ro roinnean riaghaltais, buidhnean san roinn phoblaich agus carthannasan, agus bheir sinn cuireadh do dhuine sam bith aig a bheil sàr-bheachd gu bhith ag obair gu dlùth còmhla rinn airson am fuasgladh a chruthachadh.

Geàrr-chunntas air an Dùbhlan

Coltach ri iomadh cànan aig nach eil goireasan gu leòr, tha cnap-starra mòr mu choinneamh na Gàidhlig ann a bhith a’ cruthachadh teicneòlas cànain adhartach: sin gainnead dàta. Leis an Dùbhlan seo, thathar airson faighinn seachad air a’ chnap-starra seo, feuch an soirbhich cànan agus cultar na Gàidhlig san 21mh linn agus sna linntean ri thighinn. ’S ann tro bhith a’ dèiligeadh gu soirbheachail ri gainnead dàta a thèid beairteas a chur ri coimhearsnachdan, ’s dualchas cultarail ga ghlèidheadh agus cothroman eaconamach gan toirt gu buil. Bheir seo buannachdan maireannach do luchd-labhairt agus luchd-ionnsachaidh air feadh an t-saoghail.


Prìomh fhiosrachadh do luchd-tagraidh

Thoiribh fa-near: feumaidh sibh cur a-steach airson an Dùbhlain seo tro Chùmhnantan Poblach na h-Alba

Ceann-latha foillseachaidh
22 Iuchar 2025

Ceann-latha dùnaidh
Meadhan-latha, 2 Sultain 2025

Agallamhan aig Ìre Rannsachaidh
6 Dàmhair 2025

Ìre Rannsachaidh
3 gu 21 Samhain 2025

Agallamhan aig Ìre Luathachaidh
4 Dùbhlachd 2025

Ìre Luathachaidh
19 Faoilleach gu 1 Cèitean 2026


Luach cùmhnant as àirde
£650,000 + Cìs Luach-Leasaichte

Dè tha seo a’ ciallachadh?


Seisean C&F

Bidh seisean C&F ann air-loidhne Diluain, 18 Lùnastal 2025 bho 11m gu 12f. Thèid a chumail air Microsoft Teams agus a chlàradh airson ’s gun cùm sinn ri riaghailtean solarachaidh. Nach cliog sibh an seo airson àite a ghlèidheadh aig an t-seisean.

Dh’fhaodte gun atharraich an ceann-latha seo.


Dè an duilgheadas, agus ciamar a tha e a’ toirt buaidh air buidheann Sponsair an Dùbhlain, air luchd-cleachdaidh sheirbheisean, agus/no air muinntir na h-Alba?

Tha a’ Ghàidhlig na cànan beò ann an Alba; ’s i a’ Ghàidhlig am prìomh chànan ann an iomadh teaghlach agus coimhearsnachd, gu h-àraid anns na h-Eileanan an Iar, a dh’aindeoin iomadach duine a bhith a’ tomhas thar nan ginealaichean gur ann ‘ri uchd bàis’ a tha i.

Ann an cuid a dhòighean, tha coimhearsnachd luchd-labhairt na Gàidhlig air atharrachadh gu math a rèir iarrtasan beatha an latha an-diugh. Tha àite beòthail aig a’ Ghàidhlig a-nis ann am foghlam, anns na meadhanan agus ann an cuid a roinnean coimeirsealta. Tha mothachadh a’ phobaill air luach na Gàidhlig ann an turasachd, agus air a cuid dualchais chultarail, a’ sìor-fhàs cuideachd. Chithear comharran eile de dh’fhàs adhartach leis an àrdachadh chunbhalach ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, le tuilleadh cleachdaidh nan ùrlaran-ionnsachaidh a th’ ann air-loidhne (m.e. SpeakGaelic no Duolingo), agus leis a’ chunntas-shluaigh bho 2022, far an deach a’ chiad àrdachadh ann an àireamhan luchd-labhairt na Gàidhlig a chlàradh ann an leth-cheud bliadhna.

Aig a’ cheart àm, mar a dh’atharraicheas an cànan, thig atharrachadh cuideachd air na duilgheadasan a tha roimhe. ’S e an saoghal didseatach fear dhe na duilgheadasan as èiginniche; tha dùbhlan sònraichte, ach cuideachd cothrom air cruth-atharrachadh, an lùib fàs luath nan teicneòlasan leis an gabh cànain ionnsachadh. Dh’fhaodadh soirbheas anns an roinn seo inbhe na Gàidhlig àrdachadh agus àm ri teachd a’ chànain san linn dhidsitich a dhaingneachadh.

Ge-tà, tha gainnead dàta na chnap-starra duilich nuair a thig e gu leasachadh teicneòlas na Gàidhlig, ’s e na dhuilgheadas a tha ron mhòr-chuid de mhion-chànain. Tha cruinneas mhodailean cainnte agus cànain air a chuingealachadh leis a’ ghainnead de dhàta teacsa agus cainnt Gàidhlig a th’ ann; mar thoradh air seo, ’s ann neo-earbsach a tha eadar-theangachadh inneil agus aithneachadh cainnte, agus ’s e toraidhean mearachdach a gheibhear bho innealan leithid ChatGPT no modailean cànain mòra (LLMs) eile. Tha e riatanach gum faigh sinn seachad air na cuingealachaidhean seo ma tha sinn airson teicneòlasan cànain Gàidhlig nas seasmhaiche, nas earbsaiche a thogail. Ma nithear seo, gabhaidh taic a chumail ri fàs a’ chànain agus faodaidh comann-sòisealta na h-Alba buannachd nas motha fhaighinn à cultar Gàidhlig a tha a’ soirbheachadh.

Tha a’ bheàrn-dhàta seo a’ cur bacadh air leasachadh innealan a dh’fhaodadh taic a chumail ri na leanas -

  • Taic-ionnsachaidh ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig agus foghlam fad-beatha.

  • In-ghabhail didseatach, feuch nach tèid a’ Ghàidhlig fhàgail às ann an lìbhrigeadh sheirbheisean poblach.

  • Co-chonaltradh ri coimhearsnachd mhòr, eadar-nàiseanta an luchd-ionnsachaidh (m.e. ann an Aimeireaga a Tuath).

  • Na gnìomhachasan cruthachail agus an roinn chultarail san fharsaingeachd.

  • Ùr-ghnàthachadh ann am poileasaidhean, m.e. tro bhith a’ cur gu feum eòlas àrainneachdail traidiseanta airson gnìomhan a ghabhail a thaobh na gnàth-shìde.

  • Cothroman eaconamach tro bhranndadh, turasachd agus tionnsgalachd.

Tha e fhathast doirbh an àireamh cheart de luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig a thomhas. Mar eisimpleir, bha 10 millean sealladh air susbaint SpeakGaelic ann taobh a-staigh bliadhna; tha seo a’ toirt a-steach 60% gu 70% de luchd-leantainn air ùrlaran nam meadhanan sòisealta leithid YouTube a tha a’ fuireach taobh a-muigh na Rìoghachd Aonaichte, ’s seo a’ sealltainn gu bheil susbaint ann an Gàidhlig comasach air daoine a thàladh aig a bheil ùidh anns a’ chànan. Tha am fiosrachadh seo, agus fiosrachadh eile, ri fhaotainn ann an Aithisg Bhliadhnail MG Alba airson 2024/25 tron làrach-lìn seo: https://mgalba.com/annual-report/2025/

Anns na h-80an, rinn bàrd mòr na Gàidhlig Murchadh MacPhàrlain ro-innse gum bàsaicheadh an cànan taobh a-staigh 40 bliadhna. ’S ann mar ‘ghairm gu gnìomh’ a thuig co-labhraichean Mhurchaidh sin, ’s iad a’ cur sìos bunait na h-obrach ùr-ghnàthaich leis an do dh’fhàs àireamhan luchd-labhairt na Gàidhlig, ìomhaigh a’ chànain anns na meadhanan, agus na bha e a’ cur ris an eaconamaidh. Feumaidh gun lean an spionnadh seo air adhart a-nis ann an linn AI, feuch am bi fear dhe na cànain sgrìobhte as sine anns an Roinn Eòrpa a’ soirbheachadh san 21mh linn.


Ciamar a bhios fios agaibh gun deach an Dùbhlan seo fhuasgladh?

Tha an Dùbhlan seo a’ cumail taic ris a’ chothrom choimeirsealta a bhith a’ cruthachadh fuasgladh a bhios a’ toirt buaidh mhath agus dhìreach air a’ Ghàidhlig. 

Bidh fios againn uile gun deach an Dùbhlan fhuasgladh nuair a bhios cothrom aig luchd-leasachaidh agus luchd-saidheans air dàta-cainnte agus dàta-teacsa bunaiteach leis an gabh teicneòlasan adhartach, eadar-dhealaichte a chruthachadh, dìreach mar a th’ aig mion-chànain eile ris an tèid deagh thaic a chumail (m.e. Basgais, Gàidhlig na h-Èireann agus Cuimris). Bidh an dàta eadar-mheasgaichte agus in-ghabhalach gu leòr airson ’s gun gabh teicneòlasan a sholarachadh a dh’obraicheas le farsaingeachd mhòr de dhual-chainntean, adhbharan agus raointean cànain. Seo eisimpleirean de theicneòlasan dhen t-seòrsa sin:

  • Fo-thiotalan sna meadhanan (m.e. ann an craolaidhean naidheachd), mar thaic ruigsinneachd do luchd-ionnsachaidh agus do dhaoine le duilgheadasan claisneachd.

  • Pearsantachadh ghuthan a tha stèidhichte air co-chur cainnte, ’s na guthan seo gan cleachdadh ann am foghlam, ann an craoladh agus ann an teicneòlasan taice.

  • Innealan a thuigeas diofar chànain, leis an gabh susbaint Ghàidhlig a shireadh ’s a lorg thar thasglannan cultarail agus leabharlannan nam meadhanan.

  • Bathar-còmhraidh eadar-ghnìomhach (m.e. botaichean-cabadaich), ’s iad gan cleachdadh ann an turasachd agus ionnsachadh cànain.

Tha e cudromach gun comharraich sinn gur ann uile-làithreach a tha an duilgheadas a thig an cois gainnead dàta: bheir e buaidh air cha mhòr a h-uile cànan san t-saoghal. Mar sin, ged as ann dhan Ghàidhlig a tha sinn a’ sireadh fuasgladh, tha sinn a’ creidsinn gum faodadh a leithid buaidh chumhachdach a thoirt air gnothaichean mion-chànanach air feadh an t-saoghail.


Cò ris a bhios an luchd-cleachdaidh coltach air a’ cheann thall?

Tha sinn an dùil gur e teicneòlaichean cànain, luchd-leasachaidh bathair-bhuig neo-eisimeileach, agus companaidhean ann an teicneòlas fiosrachaidh a chleachdas fuasgladh air an dùbhlan fhèin air a’ cheann thall. Feumaidh iad cothrom fhaighinn air dàta-cainnte agus dàta-teacsa Gàidhlig de chàileachd àrd, airson innealan a thogail a bhios co-ionann ris an fheadhainn a th’ ann do chànain eile ris an tèid deagh thaic a chumail.

Dh’fhaodadh sreath mòr, eadar-mheasgaichte de luchd-cleachdaidh buannachd fhaighinn às na teicneòlasan a thig an cois fuasgladh air an Dùbhlan seo –

  • Dh’fhaodadh innealan cainnte taic a thoirt do dhaoine aig a bheil seargadh-inntinn no aphasia (duilgheadasan conaltraidh) a bhith a’ dèanamh conaltradh nan cànan màthaireil; bheir seo piseach air cùram a tha stèidhichte air an neach fhèin.

  • Gheibh an fheadhainn ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, agus luchd-ionnsachaidh cànain eile, buannachd à tar-sgrìobhadh fèin-obrachail agus molaidhean a thaobh fuaimneachadh. Cuideachd, chuireadh an leithid a dh’innealan às do chnapan-starra a tha ron fheadhainn aig a bheil feum air taic a bharrachd.

  • Bidh gnìomhachasan agus luchd-tionnsgail a’ fighe na Gàidhlig a-steach nas fhasa ann am branndadh, ann an turasachd, agus ann an seirbheisean didseatach, ’s seo a’ leasachadh luach an cuid bathair agus a’ cruthachadh chothroman eaconamach ùra.

  • Gheibh luchd-cruthachaidh susbaint – bho BhBC ALBA gu pod-chraoladairean coimhearsnachd – innealan èifeachdach a thaobh tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh, fo-thiotalan agus co-chur gutha, ’s na h-innealan seo a’ meudachadh ruigsinneachd agus com-pàirteachadh an luchd-amais.

  • Faodaidh luchd-ealain agus teicneòlaichean fàs eòlach air pròiseactan ùra co-cheangailte ri seanchas didseatach agus dualchas.


An do dh’fheuch Sponsair an Dùbhlain an duilgheadas seo fhuasgladh roimhe?

Chan eil fuasgladh ann an-dràsta a dhèiligeas ri meud agus sònrachas an Dùbhlain. Ged a tha innealan agus iomairtean ann a chuidicheas le cuid a phàirtean dheth, tha crìochan ann air dè cho farsaing ’s a ghabhas an cleachdadh; air neo, chan eil iad a’ freagairt gu dìreach ri leasachadh theicneòlasan cainnte agus cànain Gàidhlig chun na h-ìre a tha a dhìth.  

Tha goireasan cànain ann dhan Ghàidhlig leithid ceart-sgrìobhadh stannardach, agus stuth-cuideachaidh mar fhaclairean agus leabhraichean-gràmair, ach cha toir iad piseach air an dùbhlan a thig an cois gainnead dàta. Tha e feumail coimeas a dhèanamh le suidheachadh na Basgais, mion-chànan eile: tha cothrom ann air 4 billean facal teacsa sa chànan, ach chan eil ach 150 millean facal ann an corpas teacsa na Gàidhlig a th’ againn an-dràsta. A bharrachd air sin, tha càileachd corpas na Gàidhlig neo-chunbhalach; chaidh a’ mhòr-chuid dheth a chruinneachadh le pròiseasan fèin-obrachail agus bho ghoireasan teagmhach (m.e. tro eadar-theangachadh inneil de chàileachd ìosal). Mar sin, tha dùbhlain an lùib an dà chuid càileachd agus meud an dàta Ghàidhlig a th’ againn mar-thà.

’S e ‘Fosgladh an Tobair’ aon sgeama-dearbhaidh a tha a’ tighinn am bàrr agus a bhuineas dhan dùbhlan. Seo ùrlar tar-sgrìobhaidh a chaidh a mhaoineachadh leis a’ phoball agus a chruthachadh le Oilthigh Dhùn Èideann ann an co-obrachadh le Tobar an Dualchais / Kist o Riches. Bidh seo na chuideachadh le bhith ag àrdachadh na th’ ann de dhàta cainnte agus cànain airson teicneòlasan cànain a leasachadh, ach tha crìochan ann a thaobh dè cho farsaing ’s a ghabhas a chleachdadh agus na ghabhas a ruigsinn leis. Mar eisimpleir, ’s ann à beul-aithris ann am meadhan na 20mh linn a thàinig a’ mhòr-chuid dhe na clàraidhean-gutha a tha rim faotainn; mar sin, tha iad beagan eadar-dhealaichte bho phàtranan cànain Gàidhlig an latha an-diugh. Tha tuilleadh fiosrachaidh ri fhaotainn air an làrach-lìn seo:

https://blogs.ed.ac.uk/garg/2025/06/04/gaelic-in-the-digital-age-inside-the-eist-project/

Tha Oilthigh Dhùn Èideann agus Oilthigh Ghlaschu ag obair airson pàirtean dhen dàta ann an Tasglann Fuaime a’ BhBC a thar-sgrìobhadh agus a sgaoileadh tro ghoireasan air-loidhne. Ach a-rithist, ’s ann car slaodach a tha adhartas nan iomairtean seo. A bharrachd air sin, tha cùisean laghail, beusail agus còir-lethbhreac a’ cur bacadh air a’ chothrom tòrr dhen dàta seo fhoillseachadh gu poblach; mar eisimpleir, mura deach cead airson dàta no fiosrachadh a chleachdadh aontachadh aig àm a’ chruinneachaidh, no ma tha atharrachaidhean air tighinn air an dòigh anns a bheil dàta agus fiosrachadh gan cleachdadh no gan cur gu feum, ’s an dòigh seo a-nis gu tur eadar-dhealaichte bho na bhathar an dùil aig an àm. Dh’fhaodte gur e pàirt dhen Dùbhlan a bhiodh ann a bhith a’ cruinneachadh an uiread ’s a ghabhas dhen dàta seo ann an corpas trèanaidh fosgailte, ach tha sinne a’ creidsinn gu bheil e riatanach seata-dàta ùr de Ghàidhlig an latha an-diugh a chruinneachadh.


A bheil eadar-eisimeileachdan no bacaidhean ann?

Chan aithne dhuinn còmhstri no bacadh sònraichte sam bith, ach tha e cudromach gun toirear fa-near gu bheil ìrean litearrachd na Gàidhlig ìosal am measg daoine aig a bheil an cànan on ghlùn. A bharrachd air sin, ma tha fuasgladh sam bith a tha stèidhichte air fiosrachadh a’ phobaill gu bhith èifeachdach, tha sinn a’ creidsinn gum feumar co-òrdanaichean coimhearsnachd a thoirt a-steach dhan bhuidseat. Tha oidhirp shònraichte a dhìth airson deòin muinntir na Gàidhlig a chosnadh, ach tha sinn a’ creidsinn gur ann leis an dòigh-obrach seo a thig na toraidhean as brìgheile.


Am feumar am fuasgladh amalachadh le siostaman / uidheamachd a th’ ann mar-thà?

Tha Oilthigh Dhùn Èideann a’ leasachadh API cainnt-gu-teacsa an-dràsta a bhios ri fhaotainn ron cheathramh cairteal de 2025. Tha e coltach gum feumar an goireas seo amalachadh. Aig an àm seo, thèid na cosgaisean a phàigheadh le grant bho Riaghaltas na h-Alba (tiotal a’ phròiseict: Ecosystem for Interactive Speech Technologies, no ÈIST). Tron phròiseact seo, thathar cuideachd a’ dèanamh pìleat air sgeama airson botaichean-cabadaich a chruthachadh a thig an àite luchd-agallaimh, agus gabhaidh na toraidhean a thig bhon sin a sgaoileadh timcheall air an aon àm.

Ma chleachdas am fuasgladh goireasan cainnt-gu-teacsa, feumaidh gun tèid a leithid a shusbaint a chruthachadh. Air neo, tha Cereproc a’ toirt seachad modail cainnt-gu-teacsa (TTS) air a bheil ‘Ceitidh’, ’s e saor an-asgaidh do bhuidhnean neo-phrothaid agus dhan fheadhainn a chleachdas ann am foghlam e.


A bheil seo na phàirt de sheirbheis a th’ ann mar-thà?

Chan eil.


A bheil teicneòlas sam bith ann a tha Sponsair an Dùbhlain airson a rannsachadh no a sheachnadh?

Tha sinn a’ creidsinn gun gabhadh piseach mòr a thoirt air gainnead dàta Gàidhlig nan cleachdte teicneòlas le mac-meanmna agus àrd-amasan.

Mar eisimpleir, tha na ghabhas a dhèanamh le tuigse innealta (AI) adhartach na chuspair mòr an-dràsta, agus leis an fhìrinn innse, tha AI na phàirt dhen bhun-stèidh teicneòlach ann an iomadh bathar a tha CivTech air cruthachadh thar nam beagan bhliadhnaichean a dh’fhalbh, ’s co-phàirtean leithid ionnsachadh-inneil, aithneachadh phàtranan, no fiù ’s modailean cànain mòra (LLMs) gan cleachdadh.

A dh’aindeoin sin, chan fheum sibhse slighe shònraichte a ghabhail: cho fhad ’s a tha an cothrom ann gun tèid an Dùbhlan a tha fo cheist a chrìochnachadh leis an fhuasgladh a bhios sibh a’ moladh, nì sinn beachdachadh air. 

Chan eil sinn airson ar cuingealachadh fhìn ri dòighean-obrach sònraichte agus tha sinn sùbailte a thaobh bheachdan nach robh againn roimhe. Leis an eòlas a th’ againn, tha sinn a’ brosnachadh mholaidhean agus fhuasglaidhean a choimheadas air na leanas, no far a bheil eileamaidean de na leanas an sàs –

  • A’ brosnachadh com-pàirteachas, m.e. tro bhith a’ toirt a-steach chlàran-sgòraidh no duaisean

  • A’ cur gu feum teicneòlas cànain Gàidhlig a chleachdas na goireasan as ùire a th’ againn ann an dòighean cruthachail (m.e. aithneachadh cainnte, modailean cànain mòra agus co-chur cainnte)

  • A’ rannsachadh a’ chothruim app air fònaichean glice a chruthachadh leis an gabh agallamhan eitneografaigeach a chumail gu fèin-obrachail agus air iomadh cuspair (airson ’s gum faod luchd-cleachdaidh tadhal air a-rithist agus a-rithist)

  • ’S e cothrom eile seirbheis fòn-a-steach a chumas agallamhan (beò no fèin-obrachail) còmhla ri luchd-labhairt na Gàidhlig

  • A’ làimhseachadh gach cead a dh’fheumas an neach-cleachdaidh a thoirt seachad (m.e. cead fiosraichte, beachdachaidhean RCDD agus cead cleachdaidh) aig àm a’ chlàraidh

  • A’ stèidheachadh sreath de sruthan-obrach, ’s iad na chuideachadh do mhion-chànain eile aig diofar ìrean de leasachadh teicneòlach; dh’fhaodadh seo buaidh a thoirt air comasan coimeirsealta an fhuasglaidh san àm ri teachd

Tha rannsachadh iar-cheum leantainneach aig Oilthigh Dhùn Èideann na phìleat eile a tha airidh air iomradh, ’s bot-cabadaich ga chruthachadh a thig an àite an neach-agallaimh. Tha sinn a’ beachdachadh air dòighean-obrach a tha stèidhichte air an dà chuid teacsa agus cainnt, agus – ma shoirbhicheas leinn le seo – dh’fhaodadh an roghainn a bhith ann làn-fheum a dhèanamh dhen obair seo mar phàirt dhen Dùbhlan a tha romhainn an-dràsta.


Dè na cothroman coimeirsealta a th’ ann a bharrachd air cùmhnant CivTech?

Tha sinn fosgailte a thaobh farsaingeachd de dhòighean-obrach coimeirsealta. Tha sinn a’ tairgsinn nam molaidhean a leanas mar stiùireadh tràth, sùbailte airson tuilleadh còmhraidh a bhrosnachadh.

Tha an co-mheas eadar luchd-ionnsachaidh agus luchd-labhairt na Gàidhlig nas àirde na an àbhaist an taca ris a’ mhòr-chuid de chànain. Tha cuid dhen bheachd gu bheil àireamh an luchd-ionnsachaidh an seachd uimhir nas àirde na àireamh nam fileantach; aig a’ cheart àm, tha àireamh luchd-ionnsachaidh na Spàinntis aig dìreach 15% an taca ri àireamh luchd-labhairt a’ chànain sin. Ge-tà, ’s e rud fìor chudromach a th’ ann gur i a’ Ghàidhlig dìreach aon dhe na mìltean de chànain ron bheil dùbhlain air sàilleibh gainnead dàta. Le fuasgladh soirbheachail dhan Ghàidhlig, thèid modail a lìbhrigeadh a bhios freagarrach do chànain eile aig a bheil cion ghoireasan cuideachd.

Ghabhadh na h-innealan a thèid a thogail tron phròiseact seo a chruinneachadh ann am pasgan agus a thabhann do choimhearsnachdan cànain eile; tha sinne dhen bheachd gum bi sruthan-obrach pròiseasaidh, eadar-aghaidhean tar-sgrìobhaidh, appaichean airson fiosrachadh a’ phobaill a chruinneachadh, agus teamplaidean-ceadachd am measg nan innealan seo. Dh’fhaodte gum bi cothroman coimeirsealta rin lorg ann an cùrsaichean trèanaidh agus taic theicnigeach cuideachd, ’s teachd a-steach a bharrachd ga chruthachadh san dòigh seo.

Nuair a thig e gu ceadachd air adhbharan beusanta, tha ùidh againn anns a’ ghnothach; cuideachd, tha ùidh againn ann an dòighean leis an gabhadh buannachdan a thoirt dha na coimhearsnachdan a thug an dàta seachad. Mar eisimpleir, ’s aithne dhuinn aontaidhean a tha stèidhichte air còd fosgailte, ach a th’ air an dìon aig a’ cheart àm. Le aontaidhean dhen leithid, nithear cinnteach gun gabh buannachdan a thoirt do choimhearsnachdan mion-chànanach leis an dàta a thèid a chruthachadh mar phàirt dhen Dùbhlan, ach gum faod luchd-leasachaidh làn-fheum coimeirsealta a dhèanamh dheth cuideachd.

Tha sinn a’ creidsinn gum biodh buannachd ann dhan Ghàidhlig le appaichean agus bathar didseatach a bharrachd. Mar eisimpleir: mar phàirt de mhodail ballrachd, ghabhadh oide AI le comasan cainnte a thairgsinn, ’s an t-oide a’ toirt seachad mholaidhean fuaimneachaidh fìor-ama agus a’ leigeil le luchd-ionnsachaidh fàs cleachdte ri bhith a’ bruidhinn na Gàidhlig ann an dòigh nàdarrach. Nan dèante seo gu h-èifeachdach, ghabhadh na toraidhean a chur ri seirbheisean ionnsachaidh cànain a th’ air-loidhne mar-thà – no farpais a chumail riutha. Bhiodh e comasach pasganan-gutha le Gàidhlig roinneil a reic mar bhathar-bog a bharrachd, ’s luchd-cleachdaidh a’ cluinntinn teacsa a thèid a leughadh le blas ceart. Ghabhadh teachd a-steach a chruthachadh fiù ’s le rudeigin cho sìmplidh ri app a sgrùdas litreachadh agus gràmar, ’s daoine a’ pàigheadh turas a-mhàin no companaidhean a bhios a’ togail fhònaichean glice a’ toirt a-mach cead.

Mu dheireadh, chan ann teicnigeach a-mhàin, ach dàimheil a bhios cuid dhe na toraidhean as luachmhoire dhen Dùbhlan seo. Thig piseach mòr air cliù poblach an sgioba ma thaisbeanas e earbsa, soilleireachd agus co-obrachadh èifeachdadh eadar e fhèin agus coimhearsnachdan mion-chànanach. Gu h-eadar-nàiseanta, tha tòrr chothroman dhen aon seòrsa ann air com-pàirteachasan eadar oilthighean agus coimhearsnachdan cànanach, ’s iad tric air am maoineachadh le riaghaltasan agus comhairlean-rannsachaidh. Le bhith a’ soirbheachadh anns an Dùbhlan seo, faodaidh an sgioba a bhuannaicheas an Dùbhlan an cuid soirbheas eachdraidheil a dhearbhadh, ’s seo a’ fosgladh dhorsan a thaobh co-obrachadh san àm ri teachd.

Tha sinn an dòchas gun seall seo gu bheil sinn fhathast sùbailte a thaobh planaichean agus rùintean coimeirsealta na feadhainn a dh’fheuchas ri an Dùbhlan seo fhuasgladh.


Cò an luchd-ùidhe?

  • Sgioba Phoileasaidhean Cànain ann an Roinn na Gàidhlig is Albais aig Riaghaltas na h-Alba

  • An t-Ollamh Uilleam Lamb / Pròiseact ÈIST (Oilthigh Dhùn Èideann)

  • Ionadan foghlaim adhartach agus àrd-ìre (nam measg Sabhal Mòr Ostaig, Oilthigh Ghlaschu, Oilthigh Obar Dheathain, Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean)

  • An fheadhainn a tha an sàs ann an Craoladh Gàidhlig (nam measg m.e. MG ALBA, am BBC, riochdairean neo-eisimeileach thar a’ ghnìomhachais, luchd-cruthachaidh susbaint)

  • An fheadhainn a tha an sàs ann am foillseachadh Gàidhlig (nam measg m.e. Acair, Stòrlann, Comhairle nan Leabhraichean)

  • Buidhnean Cultair agus Eachdraidh (nam measg m.e. Tobar an Dualchais / Kist o Riches, comainn eachdraidh, msaa.)


Cò na buill ann an sgioba Sponsair an Dùbhlain?

Aig cridhe Sgioba an Dùbhlain, bidh Roinn na Gàidhlig is Albais aig Riaghaltas na h-Alba (Buidheann-stiùiridh Ath-leasachadh Foghlaim) ann, ’s i na sponsair airson a’ phròiseict, a bharrachd air an Ollamh Uilleam Lamb aig Oilthigh Dhùn Èideann, ’s e na neach-comhairle agus na phrìomh eòlaiche thar an raoin. Dh’fhaodte gum faigh luchd-rannsachaidh a bharrachd – a thuilleadh air com-pàirtichean acadaimigeach agus na roinne poblaich (m.e. BBC ALBA, MG ALBA agus Oilthigh Ghlaschu) – cuireadh gu bhith a’ cur ris a’ phròiseact, ma bhios co-aontachd ann agus a rèir mar a dh’fhàsas feumalachdan a’ phròiseict.

Bheir an t-Ollamh Lamb seachad stiùireadh cànanach agus teicnigeach, agus dh’fhaodte gun tabhann Oilthigh Dhùn Èideann taic neo-mhaoineachaidh ma dh’iarrar a leithid. Mar eisimpleir, dh’fhaodte gum faighear bhon Oilthigh an cothrom air corpasan Gàidhlig agus seilbheachd innleachdail thaiceil a bhuineas dhan ghnothach, ’s an stuth-fiosrachaidh seo ga thoirt seachad fo chead sgrìobhte air leth a mhìnicheas mar a dh’fhaodar an stuth a chleachdadh, mar a bheirear iomradh air, agus dè cho fad ’s a mhaireas an cead fhèin.


Dè an cùl-fhiosrachadh poileasaidh a th’ ann a thaobh an Dùbhlain?

Tha Riaghaltas na h-Alba dealasach a thaobh glèidheadh agus ath-bheòthachadh na Gàidhlig ann an Alba. Ann an raon an fhoghlaim, thèid an obair seo a riaghladh a rèir an fhrèama-obrach laghail a chruthaicheadh le Achd an Fhoghlaim (Alba) 1980 agus 2016. Ann an raon a’ chraolaidh, ’s ann a rèir Achd Conaltraidh 2003 a thathar ag obair sa mhòr-chuid. Ann an raon planadh cànain, ’s e Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 am prìomh phìos reachdais, ’s Bòrd na Gàidhlig ga chruthachadh mar thoradh air. ’S i prìomh iomairt an Achd (Plana Cànain Nàiseanta na Gàidhlig le Bòrd na Gàidhlig fhèin) a’ phrìomh sgrìobhainn-phoileasaidh a mhìnicheas mar a ghabhas a’ Ghàidhlig a leasachadh. Agus thèid na Planaichean Cànain Gàidhlig corporra fa leth a chruthachadh a rèir amasan ro-innleachdail a’ Phlana Nàiseanta; ’s iad na Planaichean Cànain seo na h-ionnsramaidean tron tèid iomairtean fa leth a leantainn às leth na Gàidhlig anns an roinn phoblaich.

Ann an ùine nach bi fada, bidh Riaghaltas na h-Alba a’ cur an gnìomh Bile nan Cànan Albannach, ’s na cumhaichean aige a’ meudachadh na h-obrach a tha ga dèanamh às leth na Gàidhlig anns a h-uile raon gu h-àrd ach a-mhàin raon a’ chraolaidh. Tha sinn cuideachd a’ cur an gnìomh molaidhean na Buidhne-obrach Gheàrr-ùine air Cothroman Eaconamach is Sòisealta dhan Ghàidhlig. Tha a’ bhuidheann seo a’ feuchainn a dh’aona-ghnothach ri dèiligeadh ris na cnapan-starra eaconamach a tha ron chànan, agus ri bhith a’ toirt gu làn-bhuil nam buannachdan eaconamach a thig na chois; bhiodh obair a dh’ionnsaigh nan amasan seo an lùib an Dùbhlain a th’ air a mhìneachadh an seo.