English | Gaelic


Sponsair an Dùbhlain: Riaghaltas na h-Alba, Buidheann-stiùiridh airson Foghlam

AITEAL

’S e ùrlar do chruinneachadh is riaghladh dàta a th’ ann an AITEAL, ’s e ag obair a rèir bheusan agus aig ìre na coimhearsnachd. Chaidh a thogail gus dàta-cànain Gàidhlig a chruthachadh a ghabhas a chleachdadh gu laghail mar chuideachadh do dh’AI, foghlam agus seirbheisean poblach. Leis an fhuasgladh seo, gabhaidh cainnt a tha nàdarrach agus làn dhual-chainntean a chruinneachadh, le cead soilleir, ioma-roghainn ann – agus air bun-stèidh co-riaghladh dàta le AI agus daoine, cruthachadh meata-dàta, agus tar-chur ceadaichte an dàta fhèin. Tha AITEAL a’ tionndadh phròiseasan-cruinneachaidh neo-chunbhalach, cunnartmhor de dhàta-cànain nan ùrlar a tha earbsach, a ghèilleas ri inbhean, agus a ghabhas a leudachadh. Cumaidh e taic ri teicneòlas-cànain an latha an-diugh, le earbsa na coimhearsnachd agus beusan cultarail aig cridhe a’ ghnothaich.

Thug AITEAL freagairt air Dùbhlan 11.2 CivTech

An Cothrom

Tha AITEAL a’ freagairt fheumalachdan eadar-nàiseanta a tha a’ sìor-fhàs air dàta cànain is gutha de chàileachd àrd agus air bun-stèidh cead dhaoine. Am measg nan ciad mhargaidhean, tha seirbheisean poblach, foghlam, rannsachadh, tasglannan agus sgiobaidhean a thogas teicneòlas-cainnt AI ann. ’S ann bho cheadan, ballrachd, eadar-aghaidhean API agus seirbheisean speisealach a thig teachd a-steach bitheanta. Gabhaidh an t-ùrlar fhèin a leudachadh thar feumalachdan na Gàidhlig, ’s tionndaidhean dheth gan dèanamh do mhion-chànain eile, agus cànain a tha gann de ghoireasan, air feadh an t-saoghail.

Na h-Ath Cheumannan

Leis na h-ath cheumannan, thèid am fòcas a chur air obair gus am modail sìmplidh a choileanas na riatanasan bunaiteach a leasachadh gus a bhith na ùrlar a ghabhas a chur an gnìomh. Nithear seo tro bhith ag àrdachadh com-pàirteachadh coimhearsnachd, a’ dearbhadh shruthan-obrach a ghabhas fhàs tuilleadh, a’ dèanamh pìleat air cùisean-cleachdaidh còmhla ri luchd-cleachdaidh tràth, agus a’ neartachadh obair-riaghlaidh is modailean coimeirsealta. Mar thoradh air an ìre seo dhen phròiseact, bidh fianais shoilleir ann air luach an ùrlair, agus thèid a’ bhun-stèidh a thogail do ghoireas neo-eisimeileach le comasan-fàis seasmhach, fad-ùine.


An Sgioba

Tha na buidhnean com-pàirteach a stèidhich am pròiseact a’ toirt leotha eòlas, earbsa agus creideas eachdraidheil a thogadh tro dheicheadan de dh’obair fo stiùir na coimhearsnachd, a thuilleadh air eòlas teicnigeach làidir agus comasan dearbhte ann a bhith a’ lìbhrigeadh iomairtean a tha èifeachdach agus ann an co-rèir ri luachan. Tha AITEAL a-nis a’ tighinn am follais mar am fuasgladh ùr a bheir an comas seo air adhart, ’s e a’ toirt còmhla com-pàirteachas coimhearsnachd làidir, teicneòlas-cànain a chleachdas na goireasan as ùire, agus lìbhrigeadh buaidhmhor de dh’iomairtean. Tha e na ghrad-atharrachadh misneachail dhan Ghàidhlig, ’s e a’ sealltainn gu dè tha comasach do mhion-chànain air feadh an t-saoghail nuair as ann beusach, agus fo stiùir na coimhearsnachd, a tha obair ùr-ghnàthachaidh.

Doug Summers
Stiùiriche Cruthachail

Peter Jaroch
Technical Director

Calum Alex Macmillan
Chief Executive Officer

Jane Mackinnon
Digital Lead


CivTech Demo Day is supported by